15 Lúnasa 2017

ach



inis agus oileán


Tá dhá fhocal a chiallaíonn "island" againn.






15 Meitheamh 2017

Ogma agus Ogma eile




Tá a ainm scríofa in Ogham faoina cheann, ó bhun go barr mar is iondúil. Is féidir a rá gur lámhdhia atá ann. Le mo scian phóca a rinne mé iad.


02 Bealtaine 2017

Tutto in un punto




UILE ANN AN AON PHUING 
le Italo Calvino 


(air eadar-theangachadh le Dennis King)

Mar thoradh air na cunntais a rinn Edwln P. Hubble an toiseach air an luas leis a bheil na galacsaidhean a' teicheadh bho chèile is urrainnear an tiota a shocrachadh nuair a bha stuth an domhain gu lèir co-chruinnichte ann an aon phuing, mus do thòisich e air sgaoileadh a-mach ann am fànas.
Gu nàdurrach, bha sinn uile ann an siud -- arsa Seann Qfwfq -- càit eile am bitheamaid? Cha robh fhios ag duine fhathast gum b’urrainn farsaingeachd a bhith ann. No tìm na bu mhotha: dè am feum a bh'againn air tìm, agus sinne dinnte ann an siud mar shàrdainean.

Thuirt mi "dinnte mar shàrdainean”, a’ cleachdadh samhla litreachail: leis an fhìrinn cha robh fìù is farsaingeachd ann airson ar dinneadh. Bha gach puing de gach aon againn co-ionadail leis gach puing de chàch anns an aon phuing anns an robh sinn uile. A dh’innse na fìrinn, cha bhitheamaid air dragh sam bith a chur air a chèile, mura b’e gu robh eadar-dhealachaidhean pearsantachd ann, oir nuair nach eil farsaingeachd ann, tha e gu math sàrachail fear mì-thaitneach mar Mhgr Pbert Pherd a bhith an còmhnaìdh fo chois agad. 

Co mheud againn a bh'ann? Uel, cha deach agam a-riamh air sin a dhèanamh a-mach, eadhon a thaobh tuaiream. Airson àireamh a dhèanamh oirnn, dh'fheumamaid gluasad bho chèile, rud beag air a’ char bu lugha, ach bha sinn uile anns an aon phuing ud. A dh’ainneoin na shaoileadh tu, cha robh sinn ann an suidheachadh idir a bhrosnaicheadh càirdeas; tha fhiosam, mar eisimpleir, gun do thadhail nàbaidhean ar a chèile ann an linntean eile; ach an sin, seach gu robh sinn uile nar nàbaidhean, cha tuirt duine sam bith flù is “latha math” no “oidhche mhath" ri neach eile.

Air a' cheann thall rinn gach aon againn caidreamh ri còmhlan beag de luchd eòlais. Tha cuimhne agam gu h-àraid air Mrs Ph(i)Nk0, air a caraid De XuaeauX, air teaghlach de inn-imrichean air an robh Z’zu, agus air Mgr Pbert Pberd a dh'ainmich mi cheana. Bha bean-ghlanaidh ann cuideachd — "maintenance staff" mar a theirte rithe — tè a-mhàin airson an domhain air fad, a chionns gu robh an t-àite cho beag. Leis an fhìrinn, cha robh càil aice ri dhèanamh fad an latha, eadhonn sguabadh, oir chan fhaod fiù is gràinnean tighinn a-steach do phuing, agus mar sin bha ise daonnan ri gobaireachd is gearan.

Eadhon leis na daoine a tha mi air ainmneachadh bhitheamaid air an droch dhòmhlachadh; ach smaoinich air na rudan a bh’againn rin gleidheadh air an càrnadh suas ann an siud: an stuth go lèir a chuirteadh gu feum ann an dealbhadh an domhain, nise briste síos agus co-chruinnichte ann a leithid a dhòìgh agus nach b'urrainn dhut aithneachadh dè bha gu bhith nas fhaide 'na phàirt de reul-eòlas (mar an nebula Andromeda) bho na bha air a shonrachadh airson cruinn-eòlas (na beanntan Vosges, mar eisimpleir) no airson ceimic (mar iosotopaichean àraid de bheryllium). A bharrachd air sin, bha sinn an còmhnaidh a' bualadh an aghaidh àirneis an teaghlaich Z'zu: leapannan, seidean, clèibh; na Z'zu tha seo, mur a robh thu faiceallach, air an leisgeul gu robh iad 'nan teaghlach mòr, bhitheadh iad gan giùlan fhèin mar nach robh ach iad fhèin anns an t-saoghal: bha iad eadhon ag iarraidh sreangan a chrochadh tarsainn na puinge againn gus an nigheadaireachd a thiormachadh. 

Ach bha càch air eucoir a dhèanamh air na Z'zu cuideachd anns a’ chiad dol-a-mach, le bhith ag ràdh "inn-imrichean" riutha, a' cumail a-mach gu robh càch air a bhith ann an siud air thoiseach, agus mar sin gun tàinig na Z'zu às an dèidh. Cha robh ann an seo ach claon-bhàigh gun bhunait, tha sin soiileir dhomh, oir cha robh "roimh" no "an dèidh" ann, no àiteigin eile às an imricheadh duine, ach bha iadsan ann a thagair gum b'urrainnear am facal "inn-imriche" a thuigsinn a-rèir a sheagh beachdail, an taobh a-muigh de thìm is de fharsaingeachd.

'Se dòigh-smaoineachaidh chumhang, mar gum b'eadh, a bh'againn aig an am: staoin. A' choimhearsnachd anns an do thogadh sinn a bu choireach. Agus 'se dòigh-smaoineachaidh a th'ann a tha air fantainn freumhaichte anns gach aon againn, gu ìre mhath. Thig i an uachdar an-diugh fhèin, ma thachras dithis againn ri chèile — aig a' bhus-stad, ann an taigh-dhealbh, aig co-chruinneachadh eadar-nàiseanta de fhiaclairean — agus ma thòisicheas sinn a' bruidhinn air mar a bha. Cuiridh sinn fàilte air a chèile — aig uairean aithnichidh cuideigin mise aig uairean eile 'se mise a dh'aithnicheas cuideigin — agus gun dàil bidh sinn a' gabhail naidheachd an fhir ud agus na té seo (eadhon nuair nach eil cuimhne aig an dàrna fear ach air beagan dhiubh sin a tha an cuimhne an fhir eile) agus mar sin tha sinn uair eile an sàs anns na seann chonnsachaidhean, na sgainnealan, na cronachaidhean. Gus mu dheireadh bheir cuideigin iomradh air Mrs Ph(i)Nk0 — thig a h-uile còmhradh mun cuairt thuice air a’ ceann thall — agus gu h-obann thèid an spìocaireachd a chur ar an dara taobh agus bidh sinn gar faireachdainn fhèin àrdaichte le gluasad-intinn aoibhneach is fialaidh. Mrs Ph(i)Nk0, an aon neach nach do dhìochuimhnich duine againn a-riamh, agus a tha sinn uile ag ionndrain. Càit an deach i?  Sguir mise de bhith ga lorg bho chionn fhada: a broilleach, a sliasaidean, a gùn-sgeadachaidh orainds; cha tachair sinne a-rithist, anns a’ cho-chruinneachadh seo de ghalacsaidhean, no ann am fear eile.

Biodh a fhios agad nach eil mi a’ toirt creideas dhan teoiric ud a tha ag ràdh gun tòisich an domhan, an dèidh dha fìor iomall a sgaoilidh a ruigheachd, air tuiteam air ais air fhèin gus am bi e ’na aon phuing a-rithìst. Gidheadh, tha mòran againn beò anns an dòchas sin a-mhàin, a' sìor phlanaigeadh airson an ama a bhios sinn uile air ais an siud. Am mìos seo chaidh, chaidh mi a-steach dhan bhàr a tha an seo air a' chòrnair agus co chunnaìc mi? Mgr Pbert Pberd, "De tha dol? De tha thu a' dèanamh ann a sheo?" Dh'ionnsaich mi gu bheil e a' reic phlastaics airson companaidh ann am Pavia. Tha e mar a bha e riamh, le a fhiacail airgid agus a bhrace-aichean basdalach. "Nuair a thèid sinn air ais," thuirt e rium 'na ghuth thàmh, "an rud a dh'fheumas sinn a bhith cinnteach as, an turas seo, 'se gu fuirich daoine àraid a-muigh … tha fhios agad cò tha mi ag ràdh: na Z’zu ud …." 

Theab mi freagairt gu robh mi air an aon chòmhradh a chluinntinn aig còrr agus aonan againn, ach a' crìochnachadh le "tha fhios agad cò tha mi ag ràdh … Mgr Pbert Pberd …." 

Airson an cuspair ud a sheachnadh, thuirt mi gu cabhagach: "Agus Mrs Ph(i)Nk0, a bheil thu creidsinn gu lorg sinn a-rithist ì?” 

"Och, lorgaidh, . . . ise gun teagamh ..." thuirt esan, a' fàs purpaidh.

Airson gach aon againn, 'se an dòchas gun till sinn dhan phuing ud gu h-àraid an dòchas gum bi sinn air ais còmhla ri Mrs Ph(i)Nk0.  (Tha sin fìor air mo shonsa cuideachd, ged nach eìl mi ga chreidsinn.) Agus anns a' bhàr ud, mar a thachras an còmhnaidh, theann sinn ri bruidhinn mu deidhinn, chaidh ar gluasad, agus shìolaich fiù is mì-thaitneachd Mhgr Pbert Pberd roimhn chuimhne ud. 

'Se a' bhuaidh mhòr a bha aig Mrs Ph(i)Nk0 nach do bhrosnaich i eudmhorachd a-riamh eadarainn. No cùlchainnt na bu mhotha. Bha fhios aig na h-uile gun deach i dhan leabaidh còmhla ri a caraid, Mgr De XuaeauX. Ach ann am puing, ma tha Ieabaidh ann, lìonaidh i a' phuing gu lèir, agus mar sin chan e ceist de dhol dhan Ieabaidh, ach de bhith an sin, a chionns gum bi a h-uile duine a tha anns a' phuing anns an leabaidh cuideachd. Uime sin, bha e do-sheachanta gum biodh i anns an Ieabaidh cuide ris gach aon againn. Nam b'e neach eile a bh'ann, co aige tha fios dè theireadh iad? B'e a' bhean-ghlanaidh a-riamh a thòisich a’ chùlchainnt, agus cha b'e ruith ach leum le càch a h-eisimpleir a leantainn. Mu dheidhinn nan Z'zu, uel, na rudan oillteil a b'eudar dhuinn cluinntinn: athair, nigheanan, bràithrean, peathraichean, màthair, peathraichean­-màthar: cha do shòr duine a-riamh roimhn liùgachadh a bu droch­thuaraiche. Cha b'ionnan dhise, co-dhiù: thàinig an sonas a fhuair mi bhuaipe bho bhith am falach, puing-amhail, innte, agus bho bhith ga dìon puing-amhail, annamsa; 'se an dà chuid meòmhrachadh aingidh (mar thoradh air a' choimeasgadh phuing-amhail de na h-uile innte) agus geanmnachd (mar thoradh air a do-dhrùidheachd phuing-amhail) a bh’ann. Gu goirid, cha robh càil a dhìth orm.

Agus san dòigh a bha seo fìor air mo shonsa, bha e fìor airson chàich. Agus air a sonsa: shealbhaich ise agus bha i sealbhaichte leis an aon aoibhneas, agus dh'fhàiltich i agus ghràdhaich i agus ghabh i còmhnaidh anns na h-uile gu co-ionnan.

Bha sinn cho sona uile le chèiie, cho sona agus gum b'eudar do rudeigin neo-gnàthach tachairt. Dh'fhoghainn e, aig tiota àraid, gun tuirt ise: "A bhalachaibh, nan robh beagan rùm agam, nach mise a dhèanadh tagliatelle dhuibh!" Agus anns an tiota ud smaointch sinne gu lèir air an rùm a ghabhadh na gàirdeanan cruinne aice, a' gluasad air ais is air adhart leis a' chrann-fhuine thairis air an taois, a broilleach a' cromadh os cionn an torra mhòir de fhlùr is uighean leis an robh an clàr leathann luchdaichte, fhad 's a bha a gàirdeanan a' sìor fhuineadh, geal agus air an ungadh le ola gu ruig na h-uilnean; smaoinich sinn air an rùm a ghabhadh am flùr, agus an cruithneachd airson an fhlùir, agus na h-achaidhean airson an cruithneachd a chur, agus na beanntan às an sruthadh am bùrn airson na h-achaidhean uisgeachadh, agus an t-ionaltradh airson nan treudan de laoghan a bheireadh an cuid feòla airson an sabhs; air an fharsaingeachd a bhitheadh riatanach airson tighinn na grèine le a gatha gus an cruithneachd abachadh; air an fharsaingeachd airson a' ghrian a cho-dhlùthachadh bho na neòil de ghas reultach agus a lasadh; air na h-uiread de reultan is de ghalacsaidhean is de mheallan galactach a' teicheadh troimh fhànas a bhitheadh feumail gus gach galacsaidh, gach nebula, gach grian, gach planaid a chumail air fleòdradh, agus mar a bha sinn ga smaoineachadh, bha an fharsaingeachd seo ga cruthachadh gu do-sheachanta, aig an dearbh àm a bha Mrs Ph(i)Nk0 a' labhairt nam faclan ud: " . . . an tagliatelle, a bhalachaibh!", bha a' phuing anns an robh ise agus sinne gu lèir a' sgaoileadh a-mach ann an lainnir de astar ann am bliadhnaichean-solais agus linntean-solais agus billeanan de mhillennia-solais agus bha sinne gar tilgeil gu ceithir oisnean an domhain (Mgr Pbert Pberd gu ruige Pavia), agus ise, leaghte ann an chan eil fhiosam dè seorsa lùths-solas-teas, ise, Mrs Ph(i)Nk0, a bha comasach, am broinn an t-saoghail dhùinte spìocaich againn, air togradh fialaidh, a’ chiad, "A bhalachaibh, an tagliatelle a dhèanainn dhuibh!", fìor thaomadh de ghaol coitcheann, a' tionnsgnadh, aig an dearbh thiota ud, farsaingeachd mar choincheap agus, gu fìrinneach, farsaingeachd fhèin, agus tìm agus iom-tharraing iùnabharsail, agus an iùnabhars iom-tharraingeach, a' toirt beatha do bhilleanan de bhilleanan de ghrianan, de phlanaidean, de achaidhean cruithneachd agus de Mhrs Ph(i)Nk0-ichean, sgapte air feadh mor-thìrean nam planaidean, a' fuine le gàirdeanan fialaidh còmhdaichte le flùr is ola, agus ise air chall bhon tiota ud, agus sinne ga h-iondrainn.

Tutto in un punto, bho Le Cosmicomiche 
Gairm, Samhradh 1982, Aireamh 119

01 Bealtaine 2017

24 Aibreán 2017

cathain


Cad as do "cathain"?




Sean-Ghaeilge: 

cía = cé, céard, cá
cuin = cén uair 

Cuireadh "cía" agus "cuin" le chéile níos déanaí i stair na teanga:

cía + cuin > cá chuin > cathain

Bhí an litriú "cá chuin" in úsáid fós sa 19ú haois. Tá samplaí de le fáil in Irishleabhar na Gaedhilge, mar shampla:

An té darab díol a's dual breath 
Caithfidh sé bheith glan ó cheo:-A chamchaoirle de'n chriaidh chiair 
Cá chuin do bhí do liach-sa cóir?




23 Aibreán 2017

Tá "báe" beo fós in "easpa".


Uaireanta maireann focal a bheadh caillte murach é mar chuid d'fhocal eile. Tá "báe = tairbhe, maith" sa tSean-Ghaeilge againn fós mar chuid den fhocal "easpa".


Sean-Ghaeilge

es- (as; neamh, ní, gan) + báe (tairbhe, maith) 
= esbae (neamhfhiúntas; súgradh)

Nua-Ghaeilge

easpa: ceal, díth, díobháil

ó "cnó" go "cnuasaigh"



cnú (Sean-Ghaeilge) = cnó
cnuas = cnónna, torthaí fiáine 
cnuasach = bailiú bia (fiáin), bailiúchán 
cnuasaigh = bailigh bia (fiáin)

27 Eanáir 2017

Dante, cuimhne, ubh, agus salann



Dante Alighieri considerava un uovo salato il miglior cibo del mondo. Un popolare aneddoto narra che un giorno il poeta incontrò in piazza un estraneo che gli chiese: “Qual è il cibo più buono del mondo?”. “L’uovo”, rispose il poeta. Un anno dopo, nella stessa piazza, i due s’incontrarono nuovamente, e lo sconosciuto domandò a bruciapelo: “Con che?”. “Col sale”, fu la pronta risposta di Dante, famoso per la sua memoria. 

Is cosúil gur shíl Dante Alighieri gurbh í an ubh an bia is fearr ar domhan. De réir an scéilín seo, bhuail strainséir le Dante lá amháin agus d'fhiafraigh de, "Cad é an bia is fearr ar domhan?" "Ubh," a d'fhreagair an file. Bliain amháin ina dhiaidh sin, sa chearnóg chéanna, casadh an bheirt ar a chéile arís, agus d'fhiafraigh an duine anaithnid seo gan choinne, "Le céard?" "Le salann" an freagra a thug Dante, a raibh cáil air as a chuimhe, dó ar an bpointe boise.


Achille Campanile scrisse il racconto Dante e l’uovo, contenuto nella raccolta Vite degli uomini illustri (1975).

12 Eanáir 2017